8 Luchar 2026
URS a’ comharrachadh £500,000 air a thoirt do Ospais Bhetesda anns an deich bliadhna mu dheireadh
Tha an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) air clach-mìle chudromach a ruighinn anns an taic leantainneach aca do Ospais Bhetesda ann an Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, le suim nan tabhartas a-nis còrr air £500,000 anns an deich bliadhna mu dheireadh. Leugh tuilleadh

11 An t-Ògmhios 2026
Urrasan Coimhearsnachd a’ roghainn fiosrachadh airson taic do choimhearsnachdan ionadail a neartachadh
Chuir Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) fàilte air riochdairean bho Urras Oighreachd Ghabhsainn chun na h-oifisean aca mar phàirt de dhleastanas leantainneach a bhith a’ neartachadh co-obrachd eadar bhuidhnean coimhearsnachd air feadh na h-Eileanan an Iar. Leugh tuilleadh

20 Màrt 2026
Bochdainn-connaidh ann an Leòdhas air fhollaiseachadh tro thadhal-riaghaltas
Bha Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) toilichte fàilte a chuir air Martin McCluskey, am Ministear airson Luchd-Cleachdaidh Lùtha, agus am BP Torcuil Crichton do na h-oifisean aca air 19mh Màrt mar phàirt de thuras nas fharsainge a dh’Eilean Leòdhais. Leugh tuilleadh

19 Màrt 2026
Aonad Taic Lùth URS air an geàrr-liostadh ann an Duaisean Lùtha an Rìoghachd Aonaichte
Dh’ainmich Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) gun d’fhuair an t-Aonad Taic Lùth (ATL) aca geàrr-liostadh airson an duais urramach Ceatharnach Lùth na Bliadhna aig Na Duaisean Lùtha 2026. Tha an duais, airson pròiseactan a tha a’ toirt taic do dh’èifeachdachd-lùth, bochdainn-connaidh agus neo-charbonachadh, a’ toirt aithneachadh do dhaoine agus do bhuidhnean aig a bheil buaidh mothachail air roinn lùth an Rìoghachd Aonaichte tro dhìlseachd, cruthachas, agus co-obrachd. Leugh tuilleadh

10 Màrt 2026
Bochdainn-connaidh ann an Leòdhas air fhollaiseachadh tro thadhal-riaghaltas
Thadhail Ministear Lùth an Rìoghachd Aonaichte Mìcheal Shanks air tuathanas-gaoithe coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig faisg air Steòrnabhagh an seachdain a chaidh, a dh’fhaicinn mar a tha sealbhachd coimhearsnachd air lùth ath-ùrachail a’ lìbhrigeadh buannachdan mòra do dhaoine ionadail air feadh na h-Eileanan an Iar. Leugh tuilleadh

3 Gearran 2026
URS a’ cur fàilte air Buill-Bùird ùra
The Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) air fàilte a chuir air dà bhall ùr don Bhòrd aca, a’ neartachadh riochdachadh ionadail agus a’ toirt a-steach barrachd eòlas bhon choimhearsnachd. Tha Gillian NicCoinnich agus Anna Moireach a-nis air a’ Bhòrd le gealltanas eatarra airson taic a thoirt do obair leantainneach URS ag ionmhasadh ann an daoine, àiteachan agus cothroman air feadh an Rubha, Sanndabhaig, agus na h-Eileanan an Iar anns an fharsaingeachd. Leugh tuilleadh

20 Faoilleach 2026
Dìnnear Bliadhnail Seann-Dhaoine a’ Toirt Coimhearsnachd Còmhla aig Talla Shanndabhaig
Bha Talla Shanndabhaig làn de spiorad a’ choimhearsnachd air Dihaoine 16 Faoilleach, le mu 120 daoine a’ tighinn còmhla airson an Dìnnear Bliadhnail Seann-Dhaoine a tha an còmhnaidh a’ còrdadh ri daoine gu mòr. Leugh tuilleadh

14 Faoilleach 2026
Maoineachadh air fhaighinn airson Taigh-Beag “Changing Places” ann am Pabail
Tha buidhnean ionadail air fàilte a chuir air iarrtas-maoineachaidh soirbheachail do Ionmhas Thaighean-Beaga “Changing Places” Riaghaltas na h-Alba, a bheir taic do leasachadh taigh-beag ruigsinneach ùr “Changing Places” ann am Pabail. Leugh tuilleadh

9 Dùbhlachd 2025
Seada Coimhearsnachd an Rubha a’ faighinn taic airson àite-fàs ùr coimhearsnachdail
Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig air aontachadh maoineachadh a thoirt airson Polycrub coimhearsnachdail agus àite-ionnsachaidh tuathanachais-ghàrraidh ùr a stèidheachadh anns an Rubha, seach gun deach iarrtas ionadail aithneachadh ann an suirbhidh air-loidhne. Leugh tuilleadh

28 An t-Samhain 2025
Tabhartas £1,000 airson seiseanan ceilidh an Cafaidh Forget-Me-Not anns an Rubha
Tha an cafaidh miosail mòr-chòrdte airson daoine le dementia agus an luchd-cùraim air ais ann an Rubha. Tha Alzheimers Alba air grunnan chafaidh Forget-Me-Not a chuir air dòigh ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Eileanan an Iar, a’ tòiseachadh le seiseanan cunbhalach anns an Rubha anns a’ Chèitean 2024, a fhuair taic bhon tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig. Leugh tuilleadh

6 Dàmhair 2025
Àitichean-trèanaidh hàidhdreaidean urrasaichte a’ toirt taic do lùth uaine na h-Alba
Tha na còig àiteachan air an urrasachadh le Urras an Rubha agus Shanndabhaig, buidheann carthannach ann an Eilean Leòdhais a tha a’ ruith an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd aig ìre mharsantach as motha anns an Rìoghachd Aonaichte, agus thathar nam pàirt den Duais Leasachaidh Proifeiseanta (DLP) ann an Hàidhdreaidean: Toirt A-Steach do Theicneòlaichean. Tha an cùrsa air a lìbhrigeadh le Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a Tuath, an Iar is Innse Gall, a tha aithnichte airson adhartas ann an trèanadh hàidhdreaidean, foghlam, rannsachadh agus ro-innleachd. Leugh tuilleadh

28 Lùnastal 2025
Turas iongantach airson Comann Coimhearsnachd P2B
Bha Turas Bus Bliadhnail Chomann Coimhearsnachd P2B air 23 Lùnastal gu math soirbheachail, le luchd-fuirich 60+ bliadhna a dh’aois bho Ceann nam Buaile, Oighreachd MhicCoinnich, Tolm, Rathad Thuilm, Mealabost, Bràigh na h-Aoidhe agus Rathad a’ Bhràighe a’ dol airson cuairt thaitneach timcheall an Taobh Siar agus Nis. Leugh tuilleadh

Urras an Rubha agus Shanndabhaig nan Crìochaiche ann an Duaisean Iomairt Sòisealta na h-Alba 2025

Sgeama iasad baidhsagal-dealan ga chuir air bhogadh às ùr anns an Rubha
Tha sgeama baidhsagal-dealan mòr-chòrdte gu bhith air a chuir air bhog às ùr anns an Rubha anns an t-samhradh. Tha an sgeama iasad a’ tabhairt baidhsagalan-dealan airson cleachdadh ionadail, agus thathar a-nis air siostam-cumhaichean air-loidhne nas fheàrr fhaighinn... Leugh tuilleadh

A’ taisbeanadh cumhachd lùth ath-ùrachail coimhearsnachd
Chuir Urras an Rubha agus Shanndabhaig fàilte air Comann Radio City bho Cille Bhreannain gu Leòdhas an seachdain a chaidh, mar phàirt de iomairt-ionnsachaidh eadar an dà bhuidheann coimhearsnachd. Chaidh an turas a mhaoineachadh leis an t-Iomairt Ionnsachaidh... Leugh tuilleadh

Thòisich Club Diathad
Thòisich Club Diathad miosail aig Talla Shanndabhaig air Diciadain 23mh Giblean, a’ cur fàilte air daoine bho Ceann nam Buailtean gu Bràigh na h-Aoidhe. Leugh tuilleadh

2 Giblean 2025
Ionad Dualchas Croitearachd aig Muileann Gharrabost air cùrsa airson fosgladh ann an 2025

Tha Muileann Gharrabost 130 bliadhna a dh’aois agus a-nis a’ tighinn gu ìre dheatamach den phròiseact ath-ùrachaidh agus leasachaidh, le obair a’ gluasad bho dìon na togalaichean gu cruthachadh ionad dualchas poballach, an dà chuid airson daoine ionadail agus luchd-turais. Leugh tuilleadh
19 Mart 2025
Ionad-nighe coimearsnachd a’ fosgladh anns an Rubha

Tha obair-leudachaidh air a chrìochnachadh aig an t-ionad coimhearsnachd Àros an Rubha anns a’ Chnoc, le fosgladh ionad-nighe coimhearsnachd ùr, barrachd àiteachan-paircidh, agus oifis nas motha.
Chaidh còrr air £500,000 ionmhasadh anns a’ phròiseact, air a mhaoineachadh leis a’ charthannas tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS), agus tha e a’ leantainn comhairleachadh coimhearsnachd a chaidh a dhèanamh ann an 2018. Leugh tuilleadh
23 Dùbhlachd 2024
Nollaig Chridheil aig cafaidh pop-up airson dementia
Tha Alzheimer Alba air a bhith a’ ruith cafaidh pop-up gu math soirbheachail ann an Café Roo aig Àros an Rubha le taic bhon tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig. Leugh tuilleadh

29 An t-Samhain 2024
Eco Sgoil ag ionnsachadh anns an Rubha
Tha Sgoil an Rubha a’ dèanamh adhartas air an t-slighe aca mar Eco Sgoil, agus ag ionnsachadh barrachd mu dheidhinn lùth ath-nuadhachail agus seasmhachd. Fhuair an sgoil inbhe ‘Bratach Uaine’ bho phrògram Eco Sgoiltean na h-Alba anns an Dùbhlachd 2023, agus an seachdain seo chuir iad fàilte air luchd-tadhail airson barrachd ionnsachadh mu dheidhinn lùth ath-nuadhachail agus seasmhachd. Leugh tuilleadh

18 An t-Sultain 2024
Dìleab 200,000+ craobhan airson na h-Eileanan an Iar
Tha iomairt airson coilltean a chruthachadh air croitean a’ comharrachadh planntadh còrr air 211,000 craobhan dùthchasach anns na h-Eileanan an Iar. Tha na h-eileanan ainmeil airson an cruth-tìre aca a bhith cha mhòr às aonais chraobhan, ach tha fianais àrainneach ann gun robh iad air an còmhdachadh le coilltean ann an linntean a dh’fhalbh. Leugh tuilleadh

17 An t-Sultain 2024
Inbhe Suim Neoni airson Urras an Rubha agus Shanndabhaig
Tha an tuathanas gaoithe coimhearsnachd, Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS), air a bhith fo sgrùdadh neo-eisimileach agus air “inbhe suim neoni” fhaighinn mar bhuill de Ionad Clìomaid nan Eilean Siar. Leugh tuilleadh

12 An t-Sultain 2024
Urras an Rubha agus Shanndabhaig a’ coimhead air adhart
Bha an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) trang leis an Là Bliadhnail aca aig Caisteal Leòdhais ann an Steòrnabhagh an t-seachdain a chaidh. Tha an t-Urras a’ ruith an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd as motha anns an Rìoghachd Aonaichte, stèidhichte air Eilean Leòdhais, agus tha an cruinneachadh bliadhnail de bhuill-bùird, luchd-obrach agus comhairlichean na chothrom measadh a dhèanamh air dè a tha ag obrachadh agus dè a tha air thoiseach orra. Leugh tuilleadh

30 Lùnastal 2024
Tadhal Rìoghail don Rubha
Fhuair a Mòrachd am Bana-Phrionnsa Rìoghail fàilte chridheil aig Àros an Rubha airson an ionad coimhearsnachd anns a’ Chnoc fhosgladh gu h-oifigeil. Thadhal i air an ionad air Diardaoin 29mh den Lùnastal 2024 mar phàirt den turas aice a dh’Eilean Leòdhais anns na h-Eileanan an Iar. Leugh tuilleadh

21 Lùnastal 2024
Rionnagan a’ deàlradh aig Fèis an Rubha
Bha Fèis an Rubha cho soirbheachail ’s a ghabhas airson na clann a ghabh pàirt agus an comataidh saor-thoileadh a tha ga chuir air dòigh. Tha am Fèis air a bhith a’ ruith anns an Rubha bho 2006, agus tha e na chothrom bliadhnail do dhaoine òg a thighinn còmhla agus na sgilean aca a leasachadh ann an ealanan Gàidhlig. Leugh tuilleadh

02 Luchar 2024
A’ cuimhneachadh làithean samhraidh air a’ mhòintich
Tha bliadhnaichean de rannsachadh mionaideach air eachdraidh àirighean ionadail agus na cuimhneachain a tha aig daoine mun deidhinn ann an Eilean Leòdhais air tighinn gu buil. Dh’fhosgail Comann Eachdraidh an Rubha an taisbeanadh Air a’ Mhòintich aig Àros an Rubha anns a’ Chnoc air Diardaoin 20mh Òg-Mhios leis an rannsaichear Anndra Dunn agus luchd-taic bhon choimhearsnachd ionadail. Leugh tuilleadh

24 Òg-Mhios 2024
Spòrs gu leòr aig Fairburn airson clann-sgoile Sgoil an Rubha
Thadhal P7 Sgoil an Rubha air Ionad Cur-Seachad Fairburn anns a’ Bhlàr Dubh eadar an t-8mh-10mh Cèitean, agus abair gun robh turas-sgoile iongantach aca. Thagh na clann na cur-seachadan aca fhèin airson an turas, a’ gabhail pàirt ann an canùthadh, rothaireachd-beinne, ceàrd-tìre, saigheadaireachd, zorbadh, agus bàll-peanta tron là, le turais feasgar don taigh-dealbh agus rollerbowl. Leugh tuilleadh

10 Òg-Mhios 2024
Urras an Rubha agus Shanndabhaig a’ tabhairt £55,000 bliadhnail do Ospais Bhetesda
Mar an t-aon ospais a’ seirbhiseadh na h-Eileanan an Iar, tha Ospais Bhetesda na sheirbhis deatamach a’ toirt taic do euslaintich-fuirich agus a’ tabhairt cùram-faochaidh do dhaoine le aillse agus tinneasan adhartach eile ann an Leòdhas agus na Hearadh. Leugh tuilleadh

29 Cèitean 2024
Urras an Rubha agus Shanndabhaig a’ pàigheadh a-mach £250,000 airson bochdainn-connadh a shabaid anns na h-Eileanan an Iar
Tha tuathanas-gaoithe coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar a’ gairm cho soirbheachail ’s a tha an t-Aonad Taic Lùth aca, seirbheis dìomhair a tha ag amas air buaidh bochdainn-connadh a lùghdachadh. Thairis air na 18 miosan mu dheireadh, tha iomairt Urras an Rubha agus Shanndabhaig air £250,000 a phàigheadh a-mach airson èiginn bochdainn-connadh a shabaid anns na coimhearsnachdan croitearach anns an Rubha agus Sanndabhaig ann an Eilean Leòdhais. Leugh tuilleadh

21 Cèitean 2024
£100,000 airson leasachadh slighe-coimhearsnachd bhon Àird gu Seisiadar
Tha Slighe an Rubha agus Shanndabhaig aon cheum nas fhaisg air an amas de shlighe leantainneach 40km, le tabhartas £100,000 bho Paths for All a thaobh obair airson na slighean anns an Àird agus Seisiadar a leasachadh. Tha an tabhartas a’ tighinn bhon t-Ionmhas Slighe Iain Findlay, le taic bho Còmhdhail Alba, agus tha tabhartas eile de £42,932 a’ tighinn bhon charthannas tuathanas-gaoithe ionadail Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) airson a’ phròiseact a thòiseachadh anns a’ Chèitean am bliadhna. Leugh tuilleadh

11 Giblean 2024
Seiseanan baidhg-dealan an-asgaidh anns an Rubha agus Sanndabhaig
Tha na 12 baidhseagalan-dealan aig Àros an Rubha anns a’ Chnoc a-nis uile rim faighinn le daoine a tha airson rothaireachd-dealan fheuchainn. Chaidh na 12 baidhseagalan an ceannachd mar phàirt de sgeama le Slighe an Rubha agus Shanndabhaig, agus bidh iad aig dà sheisean an-asgaidh gus am faod daoine am feuchainn. Leugh tuilleadh

19 Mart 2024
A’ sabaid bochdainn-connadh agus a’ roinn cleachdaidhean as fheàrr
Tha an t-Aonad Taic Lùth (ATL) aig Urras an Rubha agus Shanndabhaig na phàirt de stòr-dàta nàiseanta air a chuir ri chèile airson bochdainn-connadh a shabaid, a’ roinn ciamar a tha an t-obair aca a’ dèanamh eadar-dhealachadh airson teaghlaich anns na h-Eileanan an Iar. Tha an t-Aonad Rannsachaidh Bochdainn agus Neo-ionnanachd Albannach (Scottish Poverty and Inequality Research Unit sa Bheurla, neo SPIRU) na bhuidheann rannsachaidh eadar-dhreuchdail stèidhichte aig Oilthigh Cailleannach Ghlaschu. Leugh tuilleadh

12 Mart 2024
Aonta-lùth cothromach airson coimhearsnachdan Albannach – an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd as motha ann am Breatainn a’ dèanamh iarrtas air an Riaghaltas lùth coimhearsnachd a bhrosnachadh.
Tha an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd as motha ann am Breatainn, fo smachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig air Eilean Leòdhais, air iarrtas a dhèanamh air Riaghaltasan na h-Alba agus Breatainn airson lùth coimhearsnachd a bhrosnachadh gu radaigeach. Thathar airson buannachdan eaconomaigeach an tionndadh lùth uaine a sgaoileadh gu coimhearsnachdan air feadh Alba. Leugh tuilleadh

22 Gearran 2024
Barrachd leasachadh san amhairc aig Pàirc an Rubha
Tha an t-obair airson Pàirc an Rubha a leasachadh a’ dol a chumail air adhart le naidheachd air tabhartas eile bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) de £20,000 do Chomann Spòrs agus Cur-seachadan an Rubha (CSCR). Tha an ath ìre de leasachadh a’ gabhail a-steach barrachd inntrigidh sàbhailte, dìon aimsir nas fheàrr, agus siostam labhradh-poballach airson fiosrachadh luchd-coimhead agus sàbhailteachd. Leugh tuilleadh

19 Gearrnan 2024
Barrachd iarrtas airson seirbhisean deatamach slàinte-inntinn
Tha Comann Slàinte-Inntinn nan Eilean Siar (CSIES), carthannas stèidhichte ann an Steòrnabhagh, air barrachd iarrtas fhaicinn airson na seirbhisean aca o chionn ghoirid. Tha iad air tabhartas £9,771 fhaighinn bhon charthannas tuathanas-gaoithe ionadail Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) airson cuideachadh le na cosgaisean aca. Leugh tuilleadh

16 Samhain 2023
Panailean-grèine ùra air mullach An Lanntair
Tha Ionad Ealain Steòrnabhagh, An Lanntair, air panailean-grèine ùra a stèidheachadh air mullach an togalach mar phàirt den iomairt aca airson manaidseadh-lùth nas ‘uaine’ a bhith aca. Tha an t-ionad ag obair cruaidh airson eimiseanan carboin a lùghdachadh, a’ fòcasadh air èifeachdas-lùth agus gineadadh lùth ath-ùrachail mar thaic air an t-amas aca a bhith nam buidheann cruthachail ‘net zero’ anns na h-eileanan. Leugh tuilleadh

10 Dàmhair 2023
Dreuchd ùr Raonair E-baidhseagal air Slighe-Costa an Rubha agus Shanndabhaig
Thòisich Steven Gillion anns an dreuchd ùr de Raonair/Co-òrdanaiche E-baidhseagal airson Slighe-Costa Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig (SCCRS) anns an t-Sultain 2023, agus tha e a’ tighinn dhan sgioba anns a’ chiad dreuchd pàighte anns a’ bhuidheann. Leugh tuilleadh

06 Dàmhair 2023
Planntadh craobhan dùthchasail air eileanan Albannach
Tha pròiseact planntadh-craobhan anns na h-Eileanan an Iar a’ cumail a’ dol gu làidir le còrr air 171,000 craobh air a phlanntadh air croitean anns na seachd bliadhna mu dheireadh. Tha am Pròiseact Croitean Coillteach Eilean Siar na chompàirteachas eadar Urras an Rubha agus Shanndabhaig, Urras nan Coille Alba, Coilltearachd na h-Alba, agus Caidreachas Croitearachd na h-Alba, agus tha iad ag obair le croitearan airson coilltean dùthchasail a phlanntadh air na croitean aca. Leugh tuilleadh

29 An t-Sultain 2023
PST Latha Bliadhnail 2023
Bha seisean math dha rìribh againn de choinneamhan agus naidheachdan le buill Bùird agus luchd-obrach aig an Là Bliadhnail againn aig a’ Chabar-Fèidh air Dimàirt 26 Sultain. Chuala sinn bho ar Comhairlichean Coimhearsnachd, comhairlichean eile agus manaidsearan-pròiseact a rinn inneas air na rudan a tha air a bhith a’ dol air adhart anns na 12 miosan mu dheireadh. Leugh tuilleadh

19 An t-Sultain 2023
Ath-ùrachadh £202,000 air uinneag eachdraidheil ann an eaglais Naomh Chalum Cille
Tha Eaglais Naomh Chalum Cille ann an Steòrnabhagh air an pàigheadh mu dheireadh a dhèanamh air a’ phlana 13-bliadhna airson na h-uinneagan dathte eachdraidheil aca ath-ùrachadh. Thog co-thional na h-eaglaise cha mhòr £110,000 thair còrr air deich bliadhna airson na h-uinneagan ath-ùrachadh gu mar a b’àbhaist dhaibh a bhith. Leugh tuilleadh

28 Lùnastal 2023
Fèis Stramash 2023 ann an Steòrnabhagh
Tha am fèis teaghlach an asgaidh as fheàrr ann an Leòdhas a’ gabhail àite an ath dheireadh-sheachdain (1-2 Sultain) agus tha luchd-eagrachaidh a’ coimhead air adhart ri miosan obair chruaidh a’ tighinn gu buil. Tha Fèis Stramash air a bhith mòr-chòrdte anns a’ choimhearsnachd bho 2012, agus tha am buidheann saor-thoileach air a chùlaibh a’ gealltainn bliadhna eile de luchd-cluiche agus còmhlain ionadail mìorbhaileach, a thuilleadh air dà bhuidheann bho tìr-mòr, spòrs airson an teaghlach gu lèir agus tòrr a’ bharrachd. Leugh tuilleadh
11 An Lùnastal 2023
Taic airson leasachadh aig Cidhe Pabail
Tha Comann Luchd-Cleachdaidh Cidhe agus Bàtaichean Phabail a’ cumail orra leis a’ phròiseact aca airson an cidhe a leasachadh agus a ghlèidheil airson cleachdadh coimhearsnachd. Air a riochdachadh ann an 2004, tha an Comann air a’ phrìomh amas aca airson goireas-acrachadh a chuir air dòigh a lìbhrigeadh. Leugh tuilleadh
20 An Luchar 2023
Tuathanas-gaoithe coimhearsnachd a’ gealltainn $55,000 bliadhnail airson Ospais Bhetesda
Tha an carthannas tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) air an tabhartas bliadhnail aca de £55,000 a thoirt do Ospais Bhetesda, an t-aon ospais a tha stèidhichte anns na h-Eileanan an Iar. Leugh tuilleadh
28 An t-Ògmhios 2023
Obair ath-ùrachaidh a’ dol air adhart aig Muileann Gharraboist
Tha am pròiseact ath-ùrachaidh aig a’ Mhuileann Bhictòrianach ann an Garrabost air Eilean Leòdhais a’ dol air adhart aig astar, agus o chionn choired chaidh cuireadh a thoirt do na h-urrasaichean Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean (IGE) agus Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) gus am faiceadh iad an t-adhartas. Leugh tuilleadh
14 An t-Ògmhios 2023
A’ comharrachadh taic eadar sgoil agus tuathanas-gaoithe coimhearsnachd
Thug bun-sgoil Leòdhasach Sgoil an Rubha cuireadh do na sgoilearan P7 aca, pàrantan, saor-thoilich agus buill-bùird an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd ionadail a thighinn gu pàrtaidh-teatha an t-seachdain a chaidh, mar chomharrachadh air agus taing airson tabhartas a phàigh airson turas-sgoile a bh’aca o chionn ghoirid. Leugh tuilleadh
1 An t-Ògmhios 2023
Tabhartas £1,000 airson bilean-lùth Ionad Coimhearsnachd Rubha an t-Siumpain
Tha Comann Coimhearsnachd Rubha an t-Siumpain air tabhartas £1,000 fhaighinn bhon charthannas tuathanas-gaoithe ionadail Urras an Rubha agus Shanndabhaig, airson cuideachadh le cosgais-goireasan aig an Ionad Coimhearsnachd. Leugh tuilleadh
25 Cèitean 2023
A’ feitheamh airson 5k/10k Ionmhas Leanne
Tha daoine a’ coimhead air adhart ris a’ choiseachd/ruith 5k agus rèis 10k aig Ionmhas Leanne am bliadhna, a tha a’ dol a ghabhail àite air Disathairne 24mh den Ògmhios. Air urrasachadh le Urras an Rubha agus Shanndabhaig, tha an tachartas – a-nis na cheathramh bliadhna deug – a’ dol a ghabhail àite air an t-slighe àbhaisteach aige, a’ tòiseachadh agus a’ crìochnachadh faisg air Sgoil an Rubha. Leugh tuilleadh
11 Cèitean 2023
Carthannas tuathanas-gaoithe URS a’ cuideachadh le riaghailtean rabhadh-teine
Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) air Sgeama Rabhadh Teine ùr a chuir am bogadh airson cuideachadh a thoirt do theaghlaichean airson riaghailtean rabhaidh Riaghaltas na h-Alba a choileanadh. Leugh tuilleadh
06 Giblean 2023
A’ dèiligeadh ri bochdainn-connaidh anns na h-Eileanan an Iar
Chuir an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd eileanach, Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS), fàilte air Sarah Boyack, Ministear Albannach Dùbhlain airson Àrainneachd, do na h-oifisean aca air Diluain 13mh Màrt, a’ toirt dhi sealladh air obair an t-Urras agus gu h-àraidh an t-Aonad Taic Lùth, a tha a’ sireadh bochdainn-connadh a shabaid anns an sgìre. Leugh tuilleadh
04 Giblean 2023
Co-fharpais pìobaireachd cliùiteach a’ tilleadh a Steòrnabhagh
Bidh feadhainn de na pìobairean as fheàrr anns an t-saoghal a’ cluich ann an Steòrnabhagh anns a’ Ghiblean, le naideachd gu bheil an Co-fharpais Cuimhneachain Pìobaireachd Pìob-Mhàidsear Dòmhnall MacLeòid air ais an dèidh trì bliadhna dheth. ’S àbhaist co-fharpais Chomann Pìobaireachd Leòdhas agus na Hearadh a bhith air a chumail bliadhnail gus an tug galair-cruinne Covid buaidh air, ach bidh e a-nis air ais mar a bu chòir, agus le co-fharpais ùr òigridh cuideachd. Leugh tuilleadh
30 Mart 2023
Pàirc-chàraichean nas fheàrr airson Sgioba Ball-Coise an Rubha
Tha rudan ag atharrachadh aig Comann Spòrs agus Cur-Seachad an Rubha le ainmeachadh de thabhartas ùr bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) airson leasachadh air a’ phàirc-chàraichean aig Sgioba Ball Coise an Rubha. Thèid an tabhartas £12,000 a chleachdadh airson an àite-pàircidh a leudachadh, a’ toirt rùm airson 25 àite càr agus 3 àite mion-bhus ann am pìos fearann falamh ri taobh an raon ball-coise. Leugh tuilleadh
21 Gearran 2023
Pàirc-Cluiche Coimhearsnachd Shiuilisiadar gu bhith air ath-nuadhachadh
Bha am Pàirc-Cluiche Coimhearsnachd ann an Siuilisiadar air a chomharrachadh airson dì-làrachadh ann an aithris Comhairle nan Eilean Siar ann an 2017, ach tha e a’ dol a dh’fhaighinn beatha ùr bho Comhairle Choimhearsnachd an Rubha (CCR) le £3,500 de mhaoineachadh bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS). Leugh tuilleadh
23 Faoilleach 2023
Maoineachadh air fhaighinn airson Muileann Gharrabost ath-ùrachadh mar ionad-tadhail eachdraidheil
Tha Muileann Gharrabost bhon 19mh linn na eisimpleir air leth de eachdraidh shòisealta ann an Eilean Leòdhais, agus tha an t-urras coimhearsnachd a tha ga riochdachadh air maoineachadh fhaighinn airson an togalach ath-ùrachadh. Chaidh am muileann a thogail ann an 1893, agus bha e ag obair gu malairteach gu 1956 a’ muileadh eòrna agus min-coirce airson coimhearsnachd croitearach, agus fo sheilbheadaireachd an teaghlach Moireasdan airson còrr air ceud bliadhna. Leugh tuilleadh
08 Dùbhlachd 2022
£55,000 a’ dol gu cosgaisean-ruith Ospais Bhetesda
Tha Ospais Bhetesda air an tabhartas taic-airgid as ùra fhaighinn bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URAS), tiodhlac bliadhnail de £55,000. Thadhail Oifigear Leasachaidh Ionmhas Bhetesda, Joanne Ferguson, agus am Manaidsear Carol Somerville air oifisean URAS aig Àros An Rubha anns an t-Samhain. Leugh tuilleadh
24 Samhain 2022
Urras an Rubha agus Shanndabhaig ag ainmeachadh tabhartasan-coimhearsnachd agus taic ri teachd airson lùth
Bha Coinneamh Bliadhnail Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URAS) ann air Dimàirt 22mh Samhain, far an do dh’ainmich iad sreath de thabhartasan-coimhearsnachd agus planaichean airson Ionad Taic Lùth ùr a chuidicheas daoine a tha a’ cuir feum air anns an sgìre ionadail aca. Leugh tuilleadh
£500 airson Buidheann Pàrant is Leanabh an Rubha
21 Samhain 2022
The Urras an Rubha agus Shanndabhaig air tabhartas £500 a thoirt do Bhuidheann Pàrant is Leanabh an Rubha airson a’ phàrtaidh Nollaig aca, a’ gabhail àite air 16mh Dùbhlachd. Cuidichidh an t-airgead le cosgaisean a bhith a’ ceannachd preusantan Nollaig don chlann agus a’ toirt biadh pàrtaidh dhan a h-uile duine a thig ann. Leugh tuilleadh
Riochdairean lùth coimhearsnachd Eòrpach a’ faighinn fàilte gu na h-Eileanan an Iar
11 Dàmhair 2022
Bha riochdairean bho buidheann den Aonadh Eòrpach, RIPEET (Responsible Research and Innovation Policy Experimentations for Energy Transition), a’ tadhail air Eilean Leòdhais air an 14mh agus 15mh là den t-Sultain mar phàirt den phròiseact pìleatach aca airson taic a thoirt air a’ ghluasad bho connadh-fosail gu teicneòlas ath-nuadhachail agus ‘smart’ anns na h-Eileanan an Iar. Leugh tuilleadh
Urras an Rubha agus Shanndabhaig a’ coimhead air adhart ann an oifisean ùra aig Àros An Rubha
03 Dàmhair 2022
Bha Urras an Rubha agus Shanndabhaig a’ comharrachadh tilleadh gu na h-oifisean aca aig Àros An Rubha leis an Là Bliadhnail aca a ghabh àite an t-seachdain sa chaidh. Leugh tuilleadh
Suirbhidh a’ mapadh coilltean dùthchasail cudromach ann an Leòdhas agus na Hearadh
18 Lùnastal 2022
Tha Pròiseact Croitean Coillteach air suirbhidh a thòiseachadh air làraich-coille dùthchasail ionadail air feadh Leòdhas agus na Hearadh. A’ tòiseachadh an seachdain-sa tha na Comhairlichean Croitean Coillteach, Robin Reid agus Viv Halcrow, gu bhith an sàs gu dlùth ann a bhith a’ mapadh agus a’ dèanamh measadh air staid na coilltean a tha air fhàgail. Leugh tuilleadh
Deich bliadhna de Fhèis Stramash
28 Luchar 2022
Tha Fèis Stramash ann an Steòrnabhagh a’ comharrachadh an deicheamh bliadhna aca anns an Lùnastal am bliadhna, agus tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig toilichte a bhith am measg urrasaichean an Fhèis. Freagarrach airson an teaghlach air fad, làn spòrs agus an asgaidh airson a dhol ann, tha Stramash air a bhith mòr-chòrdte mar Fhèis choimhearsnachd bho thòisich e ann an 2012, agus tha e air ais aig Achadh Willowglen air an 12mh agus 13mh den Lùnastal. Leugh tuilleadh
Tha an slighe coimhearsnachd eadar Siuilisiadar agus na Fleisirean fosgailte!
27 Cèitean 2022
Bha luchd-coiseachd bhon choimhearsnachd a’ feuchainn an slighe coiseachd ùr eadar Siuilisiadar agus na Fleisirean nas tràithe anns an t-seachdain seo, agus tha e a’ còrdadh riutha gu mòr. Tha an t-earrann as ùra den t-slighe a’ ceangal an dà bhaile agus a’ toirt inntrigeadh gu dà làrach le ùidh ionadail: long-bhriste an Wyre Law... Leugh tuilleadh
A’ comharrachadh a’ chiad Maighstir-Rannsachaidh a’ ceumnachadh bho UHI Eilean Siar le urrasachd bho URS
9 Cèitean 2022
’S e Giuseppe Petricca a’ chiad oileanach a tha air ceum Maighstir Rannsachaidh fhaighinn bho UHI Eilean Siar, le urrasachd bho buidheann carthannach tuathanas-gaoithe ionadail Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS). Leugh tuilleadh
Seann Sgoil a’ Chnuic a’ cuir a-steach siostam clàr-grèine as motha anns na h-Eileanan an Iar
4 Chèitein 2022
Tha an sgioba air cùl a’ phròiseact aig Ionad Lùth a’ Chnuic a’ dol air adhart le an gealltanas airson an togalach-coimhearsnachd, Àros an Rubha, a dhèanamh cho fèin-fhoghainteach sa ghabhas. Leugh tuilleadh
Fosgladh oifigeil slighe-costa gu Cuimhneachan an Iolaire
26 Giblean 2022
Dh’fhosgail an cuibhreann de Shlighe-Costa an Rubha agus Shanndabhaig aig Cuimhneachan an Iolaire gu h-oifigeil air Dihaoine 22 Giblean. Leugh tuilleadh
Stiùiriche Urras nan Coille a’ tadhal air na h-Eileanan an Iar
15 Mart 2022
Thadhal Stiùiriche Albannach Urras nan Coille, Alasdair Seaman, air grunnan sgeama coille anns na h-Eileanan an Iar an seachdain a chaidh. Leugh tuilleadh
Maoineachadh ùr airson iomairtean uaine aig pròiseact Ionad Lùth a’ Chnuic ann an Àros an Rubha
22 Gearran 2022
Tha leasachadh seann Sgoil a’ Chnuic a’ cumail a’ dol, leis an t-urras coimhearsnachd Urras Stòras an Rubha (USAR) ag ainmeachadh gu bheil maoineachadh ùr a’ tighinn a thaobh teisteas uaine a’ phròiseact. Leugh tuilleadh
Coimhearsnachd aon cheum nas fhaisg air Muileann Gharraboist a dhìon
10 Gearran 2022
Tha Urras Muileann Gharraboist an-diugh ceum nas fhaisge air ceannachd coimhearsnachd a dhèanamh air Muileann Gharraboist, ag ainmeachadh gu bheil iad air duais-maoineachaidh fhaighinn bho Oighreachd a’ Chrùn. Leugh tuilleadh
Clas 1 a’ cur freumhan aig Bun Sgoil Shiaboist
02 Gearran 2022
Fhuair clann an taobh siar anns a’ chiad bliadhna den bhun-sgoil an craobhan dùthchasach fhèin anns an talamh an t-seachdain-sa mar phàirt den phròiseact Craobhan Airson Bun Sgoiltean, a chaidh a chruthachadh le Club Rothach Steòrnabhagh le taic bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig agus Pròiseact Croitean Coillteach. Leugh tuilleadh
Obair a’ tòiseachadh air slighe coimhearsnachd a’ ceangal Siuilisiadar agus na Fleisirean
24 Faoilleach 2022
Thòisich am pròiseact airson slighe airson coiseachd agus baidhsagalan a leasachadh eadar Siuilisiadar agus na Fleisirean an t-seachdain a chaidh, air sgàth maoineachadh a chaidh a thabhairt bho Ionmhas Coimhearsnachd nan Eilean. Leugh tuilleadh
Maoineachadh deatamach airson slighe-costa gu Cuimhneachain an Iolaire
5 Faoilleach 2022
The Slighe Costa Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig aon cheum nas fhaisge air slighe-costa cearcallach 40km a chuir air dòigh bho Steòrnabhagh, tro Sanndabhaig agus timcheall an Rubha. Tha am buidheann carthannach air tabhartas £104,000 fhaighinn bho Ionmhas Eileanan Fallain Riaghaltas na h-Alba, agus tha iad a’ dol a chleachdadh am maoineachadh airson leasachadh den slighe-costa a’ ceangal Steòrnabhagh le carragh-cuimhne an Iolaire aig Rubha an Tolm. Leugh tuilleadh
Obair-roinn a’ toirt spionnadh do phròiseact planntadh-craobhan
8 Dùbhlachd 2021
Tha Pròiseact Croìtean Coillteach a’ cuir fàilte air ball ùr den sgioba chun an sgeama planntaidh soirbheachail aca, le Robin Reid a’ tòiseachadh ag obair air an son. ’S e compàirteachas eadar Urras an Rubha agus Shanndabhaig agus Urras nan Coille a th’anns a’ phròiseact, a thòisich ann an 2016 agus a tha air a stiùireadh le Oifigear Pròiseact Viv Halcrow... Leugh tuilleadh
Craobhan ùr a’ freumhachadh aig Bun-Sgoiltean air feadh Leòdhais
3 Dùbhlachd 2021
Tha clann bho sia sgoiltean air feadh Leòdhais air a bhith trang a’ planntadh craobhan fiùranach aig na sgoiltean aca an seachdain seo. Chaidh am pròiseact a chuir an cèill le Club Rothach Steòrnabhagh agus tha e air a lìbhrigeadh ann an compàirteachas le Urras an Rubha agus Shanndabhaig agus Pròiseact Croitean Coillteach. Leugh tuilleadh
Urras an Rubha agus Shanndabhaig a’ toirt £700k maoineachadh gu bailtean ionadail
19 Samhain 2021
Bha coinneamh bliadhnail aig a’ charthannas tuathanas-gaoithe Urras an Rubha agus Shanndabhaig (PST) air Dimàirt 16mh Samhain, far an do dh’fhoillsich iad uiread de mhaoineachadh taobh a-muigh a tha iad air tarraing don sgìre. Leugh tuilleadh
Maoineachadh £80k airson Slighe-Costa eadar Siuilisiadar agus na Fleisirean
19 Dàmhair 2021
Tha buidheann carthannas Slighe-Costa Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig (SCCRS) cho toilichte sa ghabhas mu dheidhinn tabhartas de £80,920 bhon t-Ionmhas Coimhearsnachdan Eileanach airson taic a thoirt don ath cheum den slighe aca. Leugh tuilleadh
Oidhirp coimhearsnachd airson togail air ais nas làidire
4 Dàmhair 2021
Tha an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig air a bhith a’ dèanamh measadh air an t-suidheachadh aca às dèidh a’ bhuaidh eagallach a bha aig a’ bhriseadh-càball eadar na Hearadh agus an t-Eilean Sgiathanach anns an Dàmhair 2020. Thug am briseadh-càball air a h-uile tuathanas-gaoithe anns na h-Eileanan an Iar am muilnean a chuir dheth, a’ dèanamh sgrios air an cosnadh àbhaisteach aca airson deich miosan. Leugh tuilleadh
Tha Càirdean Òg Allt nan Gall air ais!
21 Sultain 2021
Bha am buidheann càirdeas airson daoine thair 60 bliadhna a dh’aois, Càirdean Òg Allt nan Gall, air ais aig a’ chiad coinneamh aghaidh-ri-aghaidh aca aig Ionad Stoodie air Dimàirt, 7mh Sultain, agus abair coinneamh a bh’ann. Bha buill a’ bhuidheann cho toilichte a bhith air ais le còmhradh agus conaltradh a’ dèanamh an là tòrr na bu shoilleir, agus cuideachd Sandie Maciver a’ togail dealbhan airson còmhradh a bhrosnachadh! Leugh tuilleadh
Là Fosgailte a’ comharrachadh caibideil ùr airson Muileann Gharrabost
16 Sultain 2021
Bha a’ chiad Là Fosgailte aig Urras Muileann Gharraboist air Disathairne 4mh Sultain, a’ toirt cuireadh do dhaoine a thadhal orra agus barrachd ionnsachadh mu dheidhinn am Muileann. Thòisich an t-Urras mar charthannas ann an 2020 agus tha iad air a bhith ag obair le Graham Moireasdan, leis a tha am muileann, airson an t-àite iongantach agus eachdraidheil seo a ghlèidheadh agus a chumail suas. Leugh tuilleadh
29 An Lùnastal 2021
Là Fosgailte aig Easgais na h-Aoide
Chaidh Là Fosgailte gu math soirbheachail a chumail aig Eaglais na h-Aoidhe air Disathairne 21 Lùnastal. B’e seo a’ chiad tachartas poblach a tha Urras Eaglais na h-Aoidhe air a chuir air dòigh bho thòisich a’ chiad glasadh-sìos ann an 2020. Leugh tuilleadh
