
Tha an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) air clach-mìle chudromach a ruighinn anns an taic leantainneach aca do Ospais Bhetesda ann an Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, le suim nan tabhartas a-nis còrr air £500,000 anns an deich bliadhna mu dheireadh.
Tha an clach-mìle seo a’ tighinn an dèidh bliadhnaichean de ionmhasadh seasmhach bho URS ag amas air feuman a’ choimhearsnachd, a’ toirt taic don chùram deireadh-beatha air a lìbhrigeadh le Ospais Bhetesda, a tha a’ tabhairt cùram deatamach agus taic do dh’eiridnich agus teaghlaichean air feadh na h-Eileanan an Iar.
Airson an clach-mìle a chomharrachadh, thadhail Carol Somerville agus Joanne NicFhearghais bho Ospais Bhetesda air oifisean URS an seachdain-sa, a’ coinneachadh an sgioba airson beachdachadh air buaidh a’ mhaoineachaidh agus an compàirteachas fad-ùine eadar an dà bhuidheann.
Thuirt Carol Somerville, Ceannard Taigh-Cùraim agus Ospais Bhetesda, gu robh i gu math taingeil airson an taic leantainneach: “Airson na deich bliadhna mu dheireadh, tha sinn air a bhith gu math fortanach taic fialaidh fhaighinn bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig. Tha an gealltanas leantainneach aca air eadar-dhealachadh mòr a dhèanamh do Ospais Bhetesda, ga ar cuideachadh cùram agus taic truacanta a thoirt do dh’eiridnich agus na teaghlaichean aca nuair a tha am feum as motha aca air.
“’S e rud iongantach a th’ann an deichead de thogail-airgid, agus chan ann a-mhàin gu bheil e a’ sealltainn fialaidheachd, ach cuideachd fìor ghealltanas don choimhearsnachd ionadail. Tha a h-uile tabhartas air dèanamh cinnteach gu bheil na seirbhisean againn fhathast air an tairgse do dhaoine anns na h-àmannan-beatha as duilghe a tha ann.
“Air leth a h-uile duine aig Betesda, ar n-eiridnich, an teaghlaichean, caraidean, agus ar luchd-obrach, tha sinn a’ toirt taing mòr airson deich bliadhna de thaic dìleas. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri iomadh bliadhna eile den chompàirteachas seo le Urras an Rubha agus Shanndabhaig.”
Thuirt riochdairean bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig gu bheil an clach-mìle £500,000 a’ ciallachadh tòrr a bharrachd na àireamh-airgid – gu bheil e na shealladh air ionmhasadh lùth ath-ùrachail air a stiùireadh gu coimhearsnachdail airson a chuir a-steach gu dìreach do shlàinte agus fallaineachd ionadail.
Thuirt Manaidsear URS, DI MacSuain: “Tha sinn cho pròiseil ’s a ghabhas gu bheil sinn air an clach-mìle leth-millean not a ruighinn anns an taic againn do Ospais Bhetesda. Tha Betesda a’ tabhairt seirbhis deatamach agus luachmhor do theaghlaichean air feadh na h-eileanan, agus tha URS gu math toilichte pàirt a ghabhail ann a bhith a’ toirt taic leantainneach don t-obair sin. ’S e Betesda a’ chiad pròiseact don tug sinn gealladh taic-airgid, fiù’s mus robh na muilnean-gaoithe air an stèidheachadh, agus tha sinn air an taic sin a chumail a’ dol gach bliadhna.”
Tha an clach-mìle ag ath-neartachadh gealltanas leantainneach URS gu bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil buannachdan bho gineadadh-lùth ath-ùrachail ionadail a’ tighinn air ais gu dìreach do choimhearsnachadan air feadh Eilean Leòdhais.
Dealbh: Catherine Anne Nic a’ Ghobhainn, Tormod MacCoinnich (URS) le Carol Somerville, Joanne NicFhearghais (Betesda) agus Rhoda NicCoinnich agus DI MacSuain (URS).
Creideas: SandiePhotos
Click to read in English.
