
Tha Ospais Bhetesda air an tabhartas taic-airgid as ùra fhaighinn bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URAS), tiodhlac bliadhnail de £55,000. Thadhail Oifigear Leasachaidh Ionmhas Bhetesda, Joanne Ferguson, agus am Manaidsear Carol Somerville air oifisean URAS aig Àros An Rubha anns an t-Samhain. Choinnich iad le luchd-obrach airson naidheachdan a thoirt seachad agus airson an t-seic fhaighinn a chuireas iad a thaobh cosgais-ruith an t-Ospais.
Chaidh an gealladh tùsail airson maoineachadh URAS do Bhetesda a dhèanamh ann an 2009, sia bliadhna mus robh na muilnean-gaoithe aig Beinn Ghrideag ag obair, agus tha an cùmhnant airson gun cùm e a’ dol airson a’ bheatha 25-bliadhna de na muilnean-gaoithe. Chaidh a’ chiad tabhartas de £55,000 a thoirt ann an 2017, agus tha am pàigheadh-bliadhnail a’ toirt beagan tèarainteachd dhan an seirbhis deatamach eileanach seo.
Thuirt Joanne Ferguson: “Air leth a h-uile duine aig Betesda, bu toil leam aithneachadh agus taing a thoirt do URAS airson an tabhartas as ùra seo de £55,000. Thèid an tabhartas a thaobh ar cosgaisean-ruith, a tha a’ ruighinn cha mhòr £400,000 gach bliadhna anns na làithean duilich seo. A thuilleadh air taic cosgaisean-ruith, tha sinn an dùil gun tèid pàirt den mhaoineachadh seo a thaobh ceannachd bobhstairean sònraichte a tha a’ cosg £4,000 an duine, airson cofhurtachd agus fois ar eiridnich.”
’S e Betesda SCIO an t-aon seirbhis ospais sònraichte anns na h-Eileanan an Iar, agus mar a tha na h-èiginn cosgais-beatha prìsean-lùth a’ doimhneachadh, tha e air fàs tòrr nas daora a bhith a’ lìbhrigeadh cùram agus cofhurtachd-eiridnich aig an ìre àrd air a bheil iad ag amas. Tha an t-ospais eisimeileach air togail-airgid airson cumail a’ dol, agus tha a h-uile tiodhlac airgid air an cleachdadh airson taic a thoirt don ospais a tha cho cudromach anns a’ choimhearsnachd. Tha grunnan ghnìomhan togail-airgid a’ dol air adhart, mar eisimpleir bùth carthannas ann an Steòrnabhagh, cruinneachadh CD de shailmean Gàidhlig, agus a bhith a’ soidhneadh ri Amazon Smile nuair a thathar a’ ceannach stuth bho Amazon.
Thuirt Manaidsear URAS Dòmhnall Iain MacSuain mun tabhartas: “Tha e an còmhnaidh na thoileachas dhuinn a bhith a’ toirt an tabhartas bliadhnail £55,000 do Bhetesda, agus bha sinn fìor thoilichte fàilte a chuir air Joanne agus Carol aig na h-oifisean againn. ’S e aon de na seirbhisean as cudromaiche air an eilean a th’ann am Betesda, agus tha ar cùmhnant 25-bliadhna airson taic airgid a thoirt dhaibh na theisteanas air an dreuchd aca a’ toirt cofhurtachd, cùram agus taic dhuinn nuair a tha sinn a’ cuir feum air.”
Dealbh L-R: Dòmhnall Iain MacSuain agus Tormod MacCoinnich bho URAS le Carol Somerville agus Joanne Ferguson bho Betesda
Creideas Dealbhan: SandiePhotos
