
Ghabh mu 30 daoine pàirt ann an turas-bus bliadhnail 60+ P2B (Ceann nam Buailtean gu Bràigh na h-Aoidhe) air Disathairne, 8 Lùnastal. Thug an turas bliadhnail ri chèile buill den choimhearsnachd airson là a’ siubhail tron Taobh Siar agus air adhart a Nis, le tadhail air Baile Thaighean-Dubha Geàrranan agus Port Nis, a’ crìochnachadh le dìnnear feasgar aig Taigh-Òsta Dhùthchail Bhorgh.
Aig Geàrranan, fhuair am buidheann na chaidh innse dhaibh mar “diathad aotrom” – ged a dh’aontaich a’ chuid as motha gu robh e nas coltaiche ri fèiste – a thuilleadh air cruinneachadh de dh’òrain traidiseanta air an seinn le Dolaidh Angaidh. Bha cuideachd tìde ann cuairt a thoirt mun cuairt air a’ bhaile eachdraidheil mus an do chùm iad orra a Nis, far an do stad iad aig a’ bhùth carthannas ionadail agus Stòr Chrois.
Thuirt Tormod MacIlleathain bho P2B: “B’e là mìorbhaileach eile a bh’ann, agus a dh’aindeoin a’ ghaoth agus an t-uisge, bha a h-uile duine air an dòigh on toiseach. Bha iomadh gàire ann tron là, fàilte iongantach ge bith càite an deach sinn agus tha mi smaoineachadh gun do thill a h-uile duine sgìth ach gu math dòigheil. Tha daoine a’ sealltainn air adhart gu mòr ris an turas bliadhnail agus ’s e cothrom sgoinneil a th’ann a bhith a’ tighinn còmhla, conaltradh càirdeach a bhith ann, agus là air falbh bhon taigh a bhith aig daoine. Tha sinn gu math taingeil don a h-uile duine a tha ga dhèanamh comasach gach bliadhna leis an taic aca.”
Fhuair an turas taic maoineachaidh bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS), a thuilleadh air maoineachadh-uàrd le taic bho Comhairleach Seòras Moireach.
Thuirt DI MacSuain, Manaidsear aig Urras an Rubha agus Shanndabhaig: “Tha sinn toilichte a bhith a’ cumail oirnn a’ toirt taic do thuras-bus 60+ P2B. ’S e pàirt chudromach de bheatha na coimhearsnachd a tha ann a bhith a’ toirt daoine còmhla agus gan cuideachadh ri ceanglan a chumail suas, agus tha e math dha rìribh a bhith a’ faicinn uiread de dhaoine a’ faighinn tlachd bhon turas bliadhnail seo.”
Chaidh taing cuideachd a thoirt do A Maclennan Motors airson am bus agus an dràibhear Iain a thoirt dhaibh; do Mhàiri agus an sgioba aig Baile Thaighean-Dubha Geàrranan; an luchd-obrach aig Taigh-Òsta Dhùthchail Bhorgh; agus a h-uile duine an sàs ann a bhith a’ cur an là air dòigh agus a bhith a’ toirt taic dha.
Click to read in English.
