
Chuir Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) fàilte air riochdairean bho Urras Oighreachd Ghabhsainn chun na h-oifisean aca mar phàirt de dhleastanas leantainneach a bhith a’ neartachadh co-obrachd eadar bhuidhnean coimhearsnachd air feadh na h-Eileanan an Iar.
Thug an tadhal cothrom do gach buidheann a bhith ag innse mun t-eòlas aca, a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn dùbhlain, agus a bhith a’ sealltainn airson dòighean a dh’fhaodadh taic do choimhearsnachdan ionadail a bhith air a leasachadh tro phròiseactan agus sheirbhisean practaigeach.
Chuala riochdairean bho Stiùbhart Wilson bho Aonad Taic Lùth (ATL) URS agus Comhairleachadh Mùirneag, a thug dhaibh sealladh air an raon fharsaing de thaic a tha an sgioba a’ lìbhrigeadh, agus a bhruidhinn riutha mu dheidhinn cudromachd a bhith a’ roghainn an dòigh-obrach as fheàrr air feadh an roinn coimhearsnachd.
“Tha dìth malairt-fhiosrachadh eadar buidhnean coimhearsnachd tric na laigse,” thuirt Stiùbhart. “Le bhith a’ neartachadh co-obrachd eadar urrasan agus buidhnean coimhearsnachd, faodaidh sinn ionnsachadh bho eòlas a chèile an àite a bhith an còmhnaidh ag ath-innleachd an cuibhle o thùs. Ma tha taic nas motha ann airson an leithid sin de chothroman roghainn-eòlas, dh’fhaodadh cuideachadh a thoirt do choimhearsnachdan air feadh na h-Alba agus an Rìoghachd Aonaichte airson buaidh iomairtean ionadail a leudachadh.”
Thug Stiùbhart dhaibh cuideachd fiosrachadh mu phròiseact ùr an t-ATL Blàths Gun Dragh, a tha air a mhaoineachadh le Redress agus a tha a’ toirt cuideachadh do theaghlaich aig a bheil trioblaid le dampachd agus clòimh-liath. Tha am pròiseact a’ measgachadh cuideachadh practaigeach, comhairle sàr-eòlach agus taic airgid, a’ gabhail a-steach tabhartasan èiginn-lùth, an-thaiseadairean, gaothrachadh uinneagan agus sabaid clòimh-liath, agus a’ tarraing air eòlas farsaing an sgioba ann a bhith ag aithneachadh agus a’ dèiligeadh ri trioblaidean ann an taighean.
Bha an còmhradh a’ sealltainn cho cudromach ’s a tha an dreuchd aig Seirbhis Càraidh Taighe URS, a tha a’ cuideachadh le a bhith ag aithneachadh agus a’ dèiligeadh ri trioblaidean aig ìre tràth mus leasaich iad gus am feum iad càradh nas motha agus nas daora. Tha an sgeama air a bhith mòr-chòrdte am measg luchd-fuirich ionadail bho chaidh a a chuir air dòigh.
Choinnich luchd-tadhail cuideachd le Manaidsear URS, Dòmhnall Iain MacSuain, a dh’innis dhaibh mu dheidhinn gnìomhan agus obrachd coimhearsnachd an t-Urras anns an fharsaingeachd. Thadhail am buidheann an uairsin air làrach Mhuileann Gharraboist, aon de phriomh phròiseactan-calpa URS, far an d’fhuair iad cothrom faicinn ciamar a tha ionmhasadh coimhearsnachd a’ cuideachadh dualchas ionadail a ghlèidheadh fhad ’s a thathar a’ cruthachadh cothroman ùra airson an àm ri teachd.
Thuirt Manaidsear-Gnìomha Urras Oighreachd Ghabhsainn, Jemma NicBhiocair, mun tadhal: “Bu toil leinn taing a thoirt do URS airson a bhith cho fàilteach agus fialaidh. Le bhith ag obair còmhla, faodaidh sinn barrachd a dhèanamh airson na coimhearsnachdan againn, a’ neartachadh ar buaidh choitcheann agus a’ dèanamh cinnteach gum bi buannachdan seasmhach ann do dhaoine ionadail. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ toirt fàilte do URS nar sgìre fhèin a dh’aithghearr agus a bhith a’ togail air na ceanglan a rinn sinn anns an tadhal seo.”
Thuirt Dòmhnall Iain MacSuain: “Tha urrasan coimhearsnachd air feadh na h-eileanan a’ dèiligeadh le dùbhlain agus cothroman gu math coltach ri chèile. Tha tadhail mar seo a’ leigeil leinn ionnsachadh bho a chèile, a bhith a’ roghainn smuaintean is planaichean agus a bhith a’ dèanamh ceanglan nas làidire. Aig a’ cheann thall, tha seo a’ toirt buannachdan do na coimhearsnachdan againn agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil buidhnean fo shealbh coimhearsnachd a’ cumail orra a’ lìbhrigeadh luach leantainneach do dhaoine ionadail.”
Bha an tadhal na phàirt de aontachadh nas fharsainge leis an dà bhuidheann a thaobh co-obrachd agus fiosrachadh is eòlas practaigeach a roghainn airson taic a thoirt do choimhearsnachdan soirbheachail air feadh na h-Eileanan an Iar.
