
Bha an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) trang leis an Là Bliadhnail aca aig Caisteal Leòdhais ann an Steòrnabhagh an t-seachdain a chaidh. Tha an t-Urras a’ ruith an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd as motha anns an Rìoghachd Aonaichte, stèidhichte air Eilean Leòdhais, agus tha an cruinneachadh bliadhnail de bhuill-bùird, luchd-obrach agus comhairlichean na chothrom measadh a dhèanamh air dè a tha ag obrachadh agus dè a tha air thoiseach orra. Air a’ chlàr-gnothaich am bliadhna bha planaichean airson cuideachadh le bochdainn-connadh anns a’ gheamhradh agus barrachd dhòighean taic a thoirt don choimhearsnachd ionadail tro taic airgid agus maoineachadh leasachaidh.
A thuilleadh air a’ chuibhreann den bhuidheann a tha a’ dèiligeadh le taic-airgid, chaidh ùine a chuir seachad a’ coimhead ris an ioma-fhillteachd de bhith a’ manaidseadh an tuathanas-gaoithe. Chaidh na trì muilnean 9MW aig URS a thogail air ionaltradh coitcheann aig Beinn Ghrìdeag, agus thòisich iad ag obair ann an 2015. Bhon uair sin, tha còrr air £4.3m de chosnadh bhon tuathanas-gaoithe air a bhith air a chleachdadh airson taic coimhearsnachd, le iomadach millean eile a’ tighinn a-steach don sgìre le cuideachadh bho URS.
Thuirt am Manaidsear DI MacSuain: “Tha feallsanacahd URS an còmhnaidh air a bhith airson fallaineachd-coimhearsnachd a bhrosnachadh, agus sin am bun-dleastanas againn fhathast. Tha e na thoileachas mòr dhuinn taic a thoirt do phròiseactan coimhearsnachd agus buidhnean anns an sgìre ionadail, bho maoineachadh calpa airson rud cho farsaing ri ath-ùrachadh Muileann Gharrabost, neo a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil mion-bhus aig clann-sgoile Sgoil an Rubha airson an toirt air turais-sgoile. Tha amas cudromach aig a h-uile nì ris a bheil sinn a’ toirt taic.
“Air cùlaibh a h-uile càil, ge-tà, tha an t-uabhas obair a’ dol air adhart airson na muilnean a chumail a’ dol gun trioblaid, agus a bhith a’ manaidseadh na cùisean toinnte de thuathanas-gaoithe coimhearsnachd mòr mar seo. Obair-càraidh air a phlanaigeadh agus uaireannan gun phlanaigeadh sam bith, briseadh-sios, trioblaidean leis a’ ghriod, rèiteachadh-banca, gnìomhan laghail agus riaghailteach, ag aontachadh prìsean cumhachd, tha an liosta a’ dol air adhart agus ’s ann ainneamh a chithear càil dheth bhon taobh a-muigh. Bha an Là Bliadhnail againn na chothrom mìorbhaileach dhuinn uile, buill-bùird, luchd-obrach agus comhairlichean, airson a thighinn còmhla agus sealltainn ris na tha sinn a’ dèanamh agus ciamar as fheàrr a bheir ar n-iomairtean buannachd don choimhearsnachd ionadail. Tha sinn air bhioran mu dheidhinn an ath cheum againn.”
Air feasgar an Là Bliadhnail, chaidh am buidheann a-nall don Tèirmineal Uisge Domhainn a dh’fhosgail na bu tràighe am bliadhna, airson na leasachaidhean as ùra aig Port Steòrnabhagh fhaicinn. Fhuair sgioba URS fàilte bho Ailig MacLeòid, ceannard Port Steòrnabhagh, agus fhuair iad cothrom faicinn beagan den obair a tha air a bhith a’ dol airson an Tèirmineal Uisge Domhainn a leasachadh mar phort airson bàtaichean cuairte-mara, a’ stèidheachadh Steòrnabhagh mar an t-aon phort ann an iar-thuath na h-Alba far an urrainn do bhàtaichean mòra docadh. A thuilleadh air an leasachadh cuairte-mara, tha an t-Ionad Uisge Domhainn gu bhith air a chuir air dòigh airson taic a thoirt do leasachadh lùth ath-ùrachail anns an àm ri teachd.
Dealbh buidheann URS nan suidhe: Cùlaibh C-D: DI MacSuain, Tony Robson, Jim Allan, Aonghas MacCormaig, Stewart Wilson, Chris Tom MacCoinnich, Donnchadh MacAoidh, Iain ‘Dan’ Moireasdan, Eddie MacGriogair, Calum Dòmhnallach, Alasdair MacNeacail.
Beulaibh: Catherine Anne Nic a’ Ghobhainn, Bern Nic a’ Ghobhainn, Tormod MacCoinnich, Agnes Rothach, Rhoda NicCoinnich.
Dealbh buidheann: URS le Ailig MacLeòid, Ùghdarras Port Steòrnabhagh aig an Tèirmineal Uisge Domhainn.
Dealbhan le SandiePhotos.
Click to read this article in English.
